Fo-Ionadan Ionnsachadh Proifeiseanta
Bidh an t-Ionad Sàr-Mhathais ann an Teagasg ag obrachadh tro lìonra nàiseanta de Fho-ionadan Ionnsachadh Phroifeiseanta air feadh Alba. Thèid na trì prìomh fo-ionadan roinneil an gnìomh san Lùnastal 2025, le trì fo-ionadan cuspaireil, a’ togail air builean ar suirbhidh nàiseanta, gan cur air bhog bhon Fhaoilleach 2026.
Le chèile, cuiridh na fo-ionadan seo co-obrachadh roinneil an comas, agus aig an aon àm cuiridh iad ri prògram nàiseanta de ionnsachadh proifeiseanta a tha bonntaichte air rannsachadh a chaidh a stiùireadh le tidsearan.
Cuiridh gach fo-ionad taic ri:
- Ionnsachadh proifeiseanta agus feòrachadh dreuchdail a tha freagairt air an sgìre fhèin
- Coimhearsnachdan cleachdaidh cuspaireil
- Cothroman do thidsearan a dhol an sàs ann an rannsachadh agus ann an conaltradh ri chèile
Cumaidh sinn fios ribh mu na fo-ionadan, agus ciamar a thèid sibh an sàs san obair aca, tron làrach-lìn agus air na meadhanan sòisealta againn.
Tha an t-Àrd-ollamh Brianna L. NicUalraig, Ceannard an Fho-ionad Rannsachaidh le Fòcas air Teagasg, ag innse mar a bheir Fo-ionadan Ionnsachadh Proifeiseanta ISMT taic do thidsearan air feadh na h-Alba, agus na dh’fhaodar a dhùileachadh fhad ’s a bhios na gnìomhachdan gan cur air bhonn.
Fo-Ionadan Ionnsachadh Proifeiseanta
Fo-ionad Rannsachaidh le Fòcas air Teagasg
Fo-ionad Rannsachaidh airson Foghlam Dhùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd
Fo-ionad Rannsachaidh airson Foghlam na Gàidhlig
Fo-ionad Rannsachaidh airson Ùr-ghnàthachadh ann an Eòlas-teagaisg gus Cleachdaidhean Clas a Thoirt am Feabha
Fo-ionad Rannsachaidh airson Eòlas-teagaisg a chuireas taic ri buileachadh ann an seòmraichean clas eadar-mheasgte